Làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig "fìor chudromach" gan tilleadh chun na Leabharlainn Nàiseanta

Làmh-sgrìobhainnean
  • Air fhoillseachadh

Chaidh 56 làmh-sgrìobhainn Gàidhlig a thilleadh gu Leabharlann Nàiseanta na h-Alba an dèidh dhaibh a bhith air chall airson còrr air 50 bliadhna.

Bha rannsachadh poilis ann nuair a chaidh na làmh-sgrìobhainnean, a tha air am meas fìor chudromach ann an eachdraidh litreachas na Gàidhlig, a dhìth sna 1960an.

Gan lorg bho chionn ghoirid ann an cruinneachadh de phàipearan pearsanta, tha an rannsaiche a fhuair iad ag radh gu bheil iad a' lìonadh beàrn a thug buaidh air ginealach de sgoilearan.

Am measg nan nithean a th' annta, tha cruinneachadh de bhardachd Rob Duinn MhicAoidh, a thugadh sìos bho aithris nighean a' bhàird fhèin ann an 1800.

Tha làrach-meòir ri fhaicinn ann an tè dhe na làmh-sgrìobhainnean
Fo-thiotal an deilbh,

Tha làrach-meòir ri fhaicinn ann an tè dhe na làmh-sgrìobhainnean

Chaidh na làmh-sgrìobhainnean a chruinneachadh leis an Urr. Alasdair Irbhinn, Ministear Bhaile a' Mhuilinn ann an Siorrachd Pheairt, agus an Urr. Dòmhnall MacNeacail, Ministear Lios Mòr, anns an 18mh agus an 19mh Linn.

Sgoilearan agus luchd-cruinneachaidh cudromach a bh' anns an dithis agus tha na làmh-sgrìobhainnean aca air a bhith mar thùsan bunaiteach airson luchd-deasachaidh agus sgoilearan Gàidhlig thar nan linntean.

Ach aig deirdeadh nan 1960an, thàinig e am follais gun robh grunn mhath de phàipearan bhon dà chruinneachadh a dhìth.

Làmh-sgrìobhainnean
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh 33 làmh-sgrìobhainn bho chruinneachadh MhicNeacail agus 23 bho chruinnneachadh Irbhinn a thilleadh

"Tha na clàraidhean againn a' sealltainn gun deach rannsachadh a dhèanamh aig an àm," thuirt Chris Cassells, Ceannard nan Tasglannan agus nan Làmh-sgrìobhainnean aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

"Bha na Poilis an sàs ach cha tàinig càil a-mach às an rannsachadh. 'S e call fìor mhòr a bh' ann agus thug e buaidh air ginealach de sgoilearan a bha às aonais cothrom air na làmh-sgrìobhainnean."

B' e fear de na ceistean a bu mhotha ann an sgoilearachd na Gàidhlig bho an uair sin – càite an deach na làmh-sgrìobhainnean?

Ach thairis air na bliadhnaichean, bha dòchas air sìoladh às gun tigeadh freagairt.

B' ann mar sin a bha cùisean nuair a thòisich an t-Oll. Rob Ó Maolalaigh bho Oilthigh Ghlaschu a' dol tro chruinneachadh de phàipearan pearsanta san t-Samhain 2022.

An t-Ollamh Rob Ó Maolalaigh
Fo-thiotal an deilbh,

An t-Ollamh Rob Ó Maolalaigh

"Mhothaich mi gun robh cruinneachadh air leth sònraichte luachmhor air mo bheulaibh, oir bha mi air rannsachadh a dhèanamh air cruinneachadh Sheumais MhicLathagain ann an Oilthigh Ghlaschu agus bha mi ag aithneachadh cuid de na làmhan," thuirt e.

"Cha robh mi buileach cinnteach ge-tà, gus an do rinn mi barrachd rannsachaidh dè dìreach a bh' agam -  gur e làmh-sgrìobhainnean a chaidh air chall aig deireadh nan 1960an."

Am measg nan rudan a th' anns na làmh-sgrìobhainnean tha litrichean, searmonan ann an Gàidhlig agus Beurla, leabhar-là Gàidhlig air a sgrìobhadh ann an Alba agus Barbados, agus mòran bàrdachd.

Chaidh cuid dheth a dhèanamh le bàird aithnichte, leithid Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Tha cuid eile sna làmh-sgrìobhainnean nach deach a sgrùdadh a-riamh roimhe.

Barbados
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gun deach an dealbh seo a dhèanamh ann am Barbados, agus e a' nochdachadh ann an leabhar-là a chaidh cuid dheth a sgrìobhadh an sin

Tha nòta san leabhar de dh'òrain Rob Duinn ag ràdh gun deach an toirt sìos bho aithris nighean a' bhàird, Seònaid, san Dùbhlachd 1800. Tha e cuideachd ag ràdh gun robh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir an làthair san taigh air Sràid a' Chluarain ann an Dùn Èideann.

Tha coltas air an sgrìobhadh gun deach a chur sìos ann an cabhag, agus dùil gun robh sin ri linn 's gun robh Alasdair Irbhinn a' feuchainn ri cumail suas ri seinn Seònaid.

Chan eil fios aig an Oll. Ó Maolalaigh no aig an leabharlann ciamar a chaidh na làmh-sgrìobhainnean am measg nam pàipearan pearsanta far an deach an lorg.

Tha iad le chèile, ge-tà, ag ràdh gur e rud glè chudromach a th' ann gu bheil iad air ais.

Nòta
Fo-thiotal an deilbh,

Nòta a tha ag innse gun deach na h-òrain aig Rob Donn a sgrìobhadh sìos bho aithris nighean a' bhàird, le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir an làthair

"Chaidh clàradh a dhèanamh orra agus mar sin bha fios aig daoine na bha a dhìth," thuirt An Dtr. Ulrike Hogg, neach-tasgaidh nan Làmh-sgrìobgainnean aig an Leabharlann Nàiseanta.

"Ri linn cho cudromach 's a tha iad mar fhianais air litreachas na Gàidhlig, fianais sgrìobhte air sin, chan urrainnear a chur an cèill cho cudromach 's a tha e gu bheil iad air ais agus cho toilichte 's a tha sinn ma dheidhinn."

"Neamhnaid luachmhor nàiseanta a tha ann," thuirt an t-Oll. Ó Maolalaigh.

"Tha ginealach de sgoilearan a tha air call a-mach air cothrom sùil a thoirt orra.

"'S e an rud as cudromaiche a-nis gu bheil iad air ais anns an Leabharlann Nàiseanta, far an tèid aig sgoilearan agus duine sam bith aig a bheil ùidh ann an litreachas na Gàidhlig a thighinn a choimhead orra."

Cruinneachadh de bhàrdachd
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cruinneachaidhean de bhàrdachd am measg na th' anns na làmh-sgrìobhainnean