Geàrr-chunntas

  1. Kathleen NicAsgaill: "Cha robh tuigse againn dìreach uimhir a bha i a' dèanamh"air fhoillseachadh aig 08:32 TSB

    B’ i Kathleen NicAsgaill a’ chiad bhoireannach air Comhairle nan Eilean Siar.

    An aon bhall boireann a-mach à 30 a chaidh a thaghadh ann an 1975, bha i a’ riochdachadh uàrd Dhail, seach aon taghadh nach deach leatha, gu 1994.

    Tha Eilidh NicLeòid againne air a bhith a' toirt sùil air na rinn Kathleen thar nam bliadhnaichean is gu dearbh an suidheachadh duilich anns na bliadhnaichean mu dheireadh le glè bheag de chomhairlichean boireann ann an Steòrnabhagh.

    Gheibh sibh aithris Eilidh an seo.

    Bha Agnes Rennie eòlach air Kathleen agus tha i ag ràdh gur e boireannach le comasan air leth a bh’ innte.

  2. FtMGair fhoillseachadh aig 08:29 TSB

    Tha draghan mòra a' leantainn mu chleachdadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar, draghan a nochd às ùr nas tràithe air a' bhliadhna.

    A thaobh FtMG, thug CnES poileasaidh ùr a-steach ann an 2020 is clann a' dol taobh na Gàidhlig mura bi iarrtas ro-làimh gur ann gu foghlam Beurla a thèid iad.

    A dh'aindeoin sin, 's e dìreach 42% de chloinn a thòisich sa bhun-sgoil anns na h-Eileanan san Lùnastal 2024 a chaidh gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

    Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil na figearan 'son 2025 nas fheàrr is dùil gum bi 57% de chloinn san Lùnastal ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig - an àireamh as àirde gu seo.

    Ach ged a thuirt iad gu bheil sin "eachdraidheil" - thuirt iad a-rithist gu bheil e fìor chudromach gun cleachd a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig an cànan sa choimhearsnachd.

  3. A' Ghàidhligair fhoillseachadh aig 08:24 TSB

    Bha a' Ghàidhlig na prìomhachas gun teagamh dhan Chomhairle is poileasaidh dà-chànanach aca.

    Tha crìonadh mòr air tighinn air a' Ghàidhlig anns na h-Eileanan bhon uairsin, crìonadh a bha mar-thà air a' Ghàidhlig a sguabadh à sgìrean Gàidhealach eile ann an Alba ro 1975.

    Robh còir aca a bhith na b' adhartaiche?

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne an-diugh, thuirt Anna NicSuain gun robh am poileasaidh dà-chànanach gu math adhartach aig an àm.

    'S e mac Anna, Dòmhnall MacSuain, a tha san là an-diugh os cionn Comataidh Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar.

    Thuirt esan "gum bu chòir is gu bheil a' Chomhairle air thoiseach air comhairlean ionadail eile" a thaobh na Gàidhlig.

    Ach tha rabhadh aige: "Chan urrainn dhut toirt air daoine rud a dhèanamh.

    "'S e an doras fhosgladh is cothrom a thoirt dhaibh"

  4. "Deargadh iad bruidhinn riutha sa Ghàidhlig"air fhoillseachadh aig 08:15 TSB

    Thug Comhairle nan Eilean an t-ùghdarras ionadail gu math nas fhaisge air muinntir Uibhist le oifis ann am Baile a' Mhanaich.

    Tha Ruairidh Dòmhnallach, a bha ag obair aig CnES, ag ràdh gun robh e cudromach cuideachd gun robh seirbheis ann ann an cànan nan daoine.

  5. "Rinn a' Chomhairle tòrr feum le na cabhsairean is na drochaidean"air fhoillseachadh aig 08:12 TSB

    Thug stèidheachadh Comhairle nan Eilean Siar cruth-atharrachadh air cùisean ann an Beàrnaraigh, Uibhist a Tuath, Beinn na Faghla, Uibhist a Deas, Èirisgeigh, Barraigh is Bhatarsaigh, a bha ron sin fo smachd Siorrachd Inbhir Nis (mar a bha na Hearadh).

    Bha e na phrìomhachas dhan ùghdarras leasachadh a thoirt air cùisean.

    Thill Seonaidh MacAmhlaigh à Solas ann an Uibhist a Tuath dhachaigh ann an 1974 is e ag obair aig BT.

    Tha Seonaidh ag ràdh gun do rinn leasachaidhean a rinn a' Chomhairle ùr le aiseagan is cabhsairean feum mòr.

  6. "Chan eil an suidheachadh mar a tha e seasmhach"air fhoillseachadh aig 08:05 TSB

    Ged a tha sùil an-diugh gu ìre air eachdraidh Comhairle nan Eilean Siar, thathar cuideachd a' coimhead air na tha an dàn dhan ùghdarras ionadail.

    Tha àrd-oifigear CnES ag ràdh nach eil am modail a th' ann "seasmhach".

    Tha Malcom Burr ag ràdh gu bheil feum air coimhead air cùisean às ùr agus beachdachadh air ùghdarras singilte eileanach - air am biodh uallach 'son seirbheisean ionadail air fad.

  7. Cruinneachadhair fhoillseachadh aig 08:01 TSB

    Bidh cruinneachadh sònraichte ann an Talla-baile Steòrnabhaigh a-nochd a' comharrachadh nan 50 bliadhna bho stèidhicheadh Comhairle nan Eilean.

    Tha iad cuideachd a' foillseachadh leabhair: "50 Years: Comhairle nan Eilean Siar - ag obair còmhla airson nan eilean."

    Tha fear-gairm an là an-diugh, Coinneach MacLeòid, ag ràdh gum bi cuideigin ann a chaidh a thaghadh aig a h-uile fear den 12 taghadh a bh' ann bho 1974 - sin diofar dhaoine, seach aon truaghan nach deach a leigeil às riamh!

  8. An End and a Beginningair fhoillseachadh aig 07:58 TSB

    Courier Inbhir NisTùs an deilbh, Courier Inbhir Nis

    Chan e dìreach Comhairle nan Eilean a bha ùr ann an 1975 is crathadh a' tighinn air ùghdarrasan ionadail na h-Alba san fharsaingeachd.

    Seo mar a chuir Courier Inbhir Nis fàilte air an t-saoghal ùr aig an àm.

  9. A' chiad Àrd-Oifigear a bha air Comhairle nan Eilean Siarair fhoillseachadh aig 07:53 TSB

    Bha còmhradh gu math fada aig Dòmhnall ri Mgr MacÌomhair is iad a' bruidhinn am measg eile mu phrìomhachasan na Comhairle anns na làithean tràth sin, is mar a dh'ionnsaich Roy fhèin a' Ghàidhlig às dèidh dha tòiseachadh san obair.

    Tha Roy ag ràdh gun do choilean Comhairle nan Eilean Siar na bha romhpa ann an 1975 "gu ìre" - ach tha e cinnteach às gun tug stèidheachadh an ùghdarrais piseach air beatha an t-sluaigh.

  10. "Robh beagan eagail oirbh?"air fhoillseachadh aig 07:44 TSB

    'S e Roy MacÌomhair a' chiad Àrd-Oifigear a bha air Comhairle nan Eilean Siar.

    Cha robh Roy ach 32 aig an àm. "Robh eagal oirbh saoil?" dh'fhaighich Dòmhnall Moireasdan dha.

    Cluinnidh sibh barrachd bho Roy air Aithris na Maidne dìreach an ceartuair.

  11. "The Old Order Changeth...."air fhoillseachadh aig 07:41 TSB

    Gaseat SteòrnabhaighTùs an deilbh, Gaseat Steòrnabhaigh

    Seo mar a dh'aithris Gaseat Steòrnabhaigh air an t-saoghal ùr a bh' ann sa Chèitean 1975.

  12. Fear-gairm ùr?air fhoillseachadh aig 07:35 TSB

    DM

    Nach tuirt sinn gur e seithir spaideil a bh' aig Dòmhnall Moireasdan an-diugh?

    Ach chan e fear-gairm ùr Comhairle nan Eilean Siar a th' ann! Tha e aig stiùir Aithris na Maidne is bheir e thugaibh am fiosrachadh air fad mu ChnES eadar seo is 09:00m.

    Bidh gu leòr de naidheachdan eile againn cuideachd dhuibh beò air BBC Radio nan Gàidheal.

  13. "Nach sinne nis tha spaideil leis a' Chouncil againn fhèin!"air fhoillseachadh aig 07:25 TSB

    'S ann air an 16mh den Chèitean 1975 a thòisich Comhairle nan Eilean gu h-oifigeil. Aig an àm sin 's e Western Isles Islands Council an tiotal foirmeil a bh' aca.

    Tha Dòmhnall Moireasdan againne ann an Steòrnabhagh an-diugh - ann an oifisean na Comhairle - is bidh e aig stiùir Aithris na Maidne dìreach a dh'aithghearr.

    Tha sinn a' tuigsinn cuideachd gum bi e a' suidhe ann an seithir gu math sònraichte...

    Co-dhiù, gun a bhith ag ràdh cus mu aois Dhòmhnaill, tha cuimhne aige air 1975.

    Tha e air a bhith a' coimhead air beagan den eachdraidh is mar a thàinig Comhairle nan Eilean Siar gu bith.

  14. Meal an naidheachd an-diugh!air fhoillseachadh aig 07:20 TSB

    Comhairle nan Eilean Siar

    Tha Comhairle nan Eilean Siar 50 bliadhna a dh'aois an-diugh!

    Bithear a' comharrachadh na clach-mhìle tron là is bidh sinne a' tòiseachadh le Aithris na Maidne shònraichte air BBC Radio nan Gàidheal bho 07:30m (chì sibh an ceangal aig mullach na duilleige) agus an seo fhèin tron mhadainn.

    Cuir air an coire ma-thà is fan còmhla rinn.