Spòrs

Latest updates

  1. An Gearasdan v Ceann a' Ghiùthsaich dhethair fhoillseachadh aig 12:32 GMT 1 An t-Samhain

    Chaidh an geam Disathairne eadar an Gearasdan agus Ceann a' Ghiùthsaich ann am Prìomh Lìog na h-Iomain a chur dheth air sgàth gu bheil a' phàirc aig an Àird ro fhliuch.

    Thèid feuchainn ris a' gheam a chluich a-rithist an ath-Dhisathairne aig 1:30f.

    'S e seo an aon gheam a th'air fhàgail ri chluich anns a' Phrìomh Lìog air an t-seusan-sa.

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich feumach air puing airson an lìog a bhuannachadh.

    Ach ma chailleas iad 's iad Baile Ùr an t-Slèibh a thogas an tiotal.

  2. Tiotal na Prìomh Lìge a' crochadh air an là mu dheireadhair fhoillseachadh aig 17:36 GMT 31 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Gheibh Ceann a' Ghiùthsaich an ceathramh tiotal lìge aca sreath a chèile ma ghlèidheas iad puing, no nas fheàrr, an aghaidh a' Ghearasdain Disathairne.

    Ma chailleas iad ge-tà, thèid an duais gu Baile Ùr an t-Slèibh.

    Mar sin, bidh aire saoghal na h-iomain air fad air a' gheama aig Pàirce na h-Àirde - an geama mu dheireadh den t-seusan.

    Tha tè de luchd-taic Chinn a' Ghiùthsaich, Sarah Fhriseil, den bheachd gum bi an tiotal a' tilleadh chun an taobh aicese de sgìre Bhàideanach.

  3. Am Bail' Ùr a' sireadh fàbhair bhon Ghearasdanair fhoillseachadh aig 18:35 GMT 30 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thuirt cluicheadair Bhail' Ùr an t-Slèibh, Iain Robinson, gur dòcha gum bi lèintean buidhe a' Ghearasdain orra Disathairne is iad an dòchas gun dèan sgioba Loch Abair fàbhar dhaibh an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich.

    Chan eil feum aig Kings ach air puing sa gheama mu dheireadh den t-seusan airson Prìomh Lìog na h-Iomain a bhuannachadh uair eile.

    Ach ma thig an Gearasdan am bàrr, thèid an tiotal chun a' Bhail Ùir airson a' chiad turas bho 2018.

    Tha Robinson mar-thà air Cupa na Camanachd a thogail mar phàirt den sgioba a rinn a' chùis air Ceann a' Ghiùthsaich, 3-2, sa chuairt-dheireannaich air a' mhìos a chaidh.

    Fhuair e dà thadhal sa gheam sin agus cuideachd duais sàr-chluicheadair a' gheama.

    Chuir e cuideachd barrachd thadhail na duine sam bith eile sa Phrìomh Lìog air an t-seusan-sa.

  4. Mìos mhòr ro sgioba rugbaidh na h-Albaair fhoillseachadh aig 17:43 GMT 29 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha mìos chudromach ro sgioba rugbaidh na h-Alba a' tòiseachadh leis a' gheama an aghaidh nan Stàitean Aonaichte Disathairne ann an geamaichean eadar-nàiseanta an fhoghair.

    Cluichidh iad an uairsin trì geamaichean eile an aghaidh New Zealand, Argentina agus Tonga mus tèid an taghadh airson Cupa na Cruinne a chumail san Dùbhlachd.

    Tha Callum MacNeacail am measg an luchd-leantainn a dh'iarradh adhartas fhaicinn bhon sgioba fo stiùir Gregor Townsend.

  5. "Chan eil mi cinnteach mu Ange a' tilleadh"air fhoillseachadh aig 10:56 GMT 29 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thuirt fear de luchd-leantainn Celtic, Ruairidh MacCarmaig, nach eil e cinnteach gur e rud math a bhiodh ann nan tilleadh Ange Postecoglou chun a' chluba.

    Tha seann mhanaidsear Celtic am measg nan ainmean a tha daoine dhen bheachd a dh'fhaodadh àite Brendan Rodgers a ghabhail,

    Dh'fhàg Rodgers a dhreuchd oidhche Luain le seann mhanaidsear eile, Màrtainn Ó Néill, a' tighinn a-steach mar mhanaidsear eadar-amail.

  6. Megan Keith an sgioba na h-Alba 'son Geamaichean a' Cho-fhlaitheisair fhoillseachadh aig 09:10 GMT 28 An Dàmhair

    Megan KeithTùs an deilbh, Sgioba na h-Alba

    Chaidh Megan Keith à Inbhir Nis ainmeachadh ann an sgioba na h-Alba 'son Geamaichean a' Cho-fhlaitheis an ath-bhliadhna.

    Bidh i a' ruith anns an 10,000m ann an Glaschu is 's e seo a' chiad turas a bhios aice aig na Geamaichean.

    Bhuannaich Megan farpais na cruinne aig ìre òigridh ann an sligheadaireachd mus do thòisich i air lùth-chleasachd.

    Fhuair i bonn òir ann an rèis an 5,000m aig Farpais na h-Eòrpa Fo aois 23 ann an 2023 agus bonn umha an uairsin san 10,000m aig Farpais na h-Eòrpa ann an 2024.

    Rèis i san 10,000m aig na Geamaichean Oilimpigeach ann am Paris ann an 2024 cuideachd, ged a bha maill oirre is i air a h-adhbrann a ghoirteachadh.

    Bha i san deicheamh àite san 10,000m ann am Farpaisean na Cruinne air a' mhìos seo chaidh.

    "Bidh e gu math sònraichte farpais airson na h-Alba aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis", thuirt Megan.

    "Chan ann tric a gheibh sinn cothrom rèiseadh airson Alba agus ann an Alba is mar sin tha mi dìreach air bhioran".

    Bidh Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann eadar an 23mh den Iuchar is 2na den Lùnastal an ath-bhliadhna.

  7. Taigh-tasgaidh ùr na h-iomain air fhosgladhair fhoillseachadh aig 09:59 GMT 27 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Dh'fhosgail taigh-tasgaidh ùr na h-iomain - Sgeul na Camanachd - gu h-oifigeil ann an Inbhir Nis, agus geàmaichean eadar-nàiseanta iomain eadar Alba is Èirinn gan cluich cuideachd.

    Tha an taisbeanadh stèidhichte aig Pàirc a' Bhucht agus chaidh a chruthachadh gus dìleab a' gheama a ghlèidheadh agus a chur air beulaibh an t-sluaigh.

    Air a' phàirc 's iad na h-Èireannaich a rinn an gnothach san dà gheama.

    Rinn mnathan na h-Èireann a' chùis 5-3 (18) gu 2-0 (6) agus 's e 3-3 (12) gu 2-4 (10) a bh' ann dha na fir.

    Chaidh Fionnlagh MacIllinnein ann dhuinn.

  8. Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 10:22 GMT 26 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan

    Iain Moireasdan agus an sgioba a' craoladh bho Inbhir Pheofharan le aire shonraichte air Ross County is air a' gheam mhòr aig bàrr na Prìomh Lìge eadar Hearts agus Celtic.

    Èistibh gu h-àrd.

  9. Èirinn a' buannachadh san Iomainair fhoillseachadh aig 19:11 TSB 25 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bhuannaich Èirinn an aghaidh na h-Alba airson an treas bliadhna ann an sreath, san geama camanachd eadar-nàiseanta. Cha robh ach an dà phuing eadar na sgiobaidhean aig Pàirce a' Bhught. Seo na thachair.

  10. "Feumaidh sinn cluiche air an làr"air fhoillseachadh aig 12:07 TSB 24 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thuirt cluicheadair iomain na h-Alba agus Baile Ùr an t-Slèibh, Iain Robinson, gum bi iad ag amas gu mòr air a bhith a' cumail am bàlla air an làr nuair a chluicheas iad Èirinn sa gheam eadar-nàiseanta Disathairne.

    Tha an geam ga chluich ann an Alba airson a chiad turas bho 2018.

    Tòisichidh geam nam fear aig 14:10 aig Pàirce a' Bhucht an Inbhir Nis agus thèid a chraoladh beò air BBC Alba.

    Rona sin cluichidh boireannaich na h-Alba agus na h-Èireann an aghaidh a chèile aig 12:00, leis an dà gheam ga chluich air an aon phàirce air an aon là airson a' chiad uair.

  11. Caipteanan iomain na h-Alba gan ainmeachadhair fhoillseachadh aig 13:34 TSB 23 An Dàmhair

    Blair is MairiTùs an deilbh, Camanachd Association
    Fo-thiotal an deilbh,

    Blair Moireasdan is Màiri Duncan

    'S e Blair Moireasdan a bhios na chaiptein air sgioba iomain na h-Alba airson a' gheam aca le Èireann Disathairne ann an Inbhir Nis.

    Dh'innis Comunn na Camanachd cuideachd gur i Màiri Duncan a bhios san dreuchd son sgioba nam ban.

    Tha Duncan na pàirt de sgioba Loch Abair a' ghlèidh tiotal nam ban am-bliadhna, agus thuirt i gur e urram a bh'ann a bhith na caiptean air an sgioba air beulaibh sluagh Albannach.

    Chaidh Moireasdan, a tha cluich do Chabar Fèidh, ainmeachadh mar chluicheadair na bliadhna ann an 2024.

    Tha e cuideachd air cluich dhan sgioba nàiseanta trì tursan roimhe agus chaidh ainmeachadh mar chluicheadair a' gheama ann an 2019.

    Thuirt e cuideachd gur e urram a bh'ann dha agus gun robh an sgioba air a bhith trèanadh gu cruaidh gus an Cupa a thoirt air ais bho na h-Èireannaich.

  12. 'Bhiodh puing math gu leòr dhuinn'air fhoillseachadh aig 12:22 TSB 23 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S e oidhche mhòr a th' ann do sgiobaidhean na h-Alba san Roinn Eòrpa.

    Thèid Rangers an aghaidh Brann thall ann an Nirribhidh.

    Tha Obar Dheathain sa Ghrèig a' cluich AEK Athens.

    Tha Celtic aig an taigh an aghaidh Sturm Graz, ach chan eil Ruairidh MacCarmaig ro mhisneachail mu na cothroman aca.

  13. Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 10:40 TSB 18 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan

    Cuin a' gheibh Rangers manaidsear ùr? Sin a' cheist mòr a th'air Iain san sgioba an-diugh, cuideachd crìoch seusain na h-Iomain agus gu leòr eile.

  14. Sguadaichean na h-Alba gan ainmeachadhair fhoillseachadh aig 11:45 TSB 17 An Dàmhair

    Iomain eadar-nàiseantaTùs an deilbh, Comann na Camanachd

    Chaidh sguadaichean na h-Alba airson geamaichean eadar-nàiseanta na h-iomain ainmeachadh.

    Thèid sgiobaidhean iomain na h-Alba an aghaidh sgiobaidhean iománaíochta na h-Èireann aig Pàirce a' Bhucht ann an Inbhir Nis Disathairne 25mh den Dàmhair.

    Cluichidh na boireannaich an toiseach aig 12:00f mus gabh na fireannaich chun na pàirce aig 2:00f.

    Thuirt manaidsear sgioba Bhoireannach na h-Alba, Ross MacIlleDhuinn, gu bheil iad a' dèanamh fiughair ris a' gheama.

    "Tha tòrr eòlais aig an sgioba choidsidh againn a bhios na chuideachadh dhuinn, is fios againn gum bi e tòrr nas luaithe.

    "Bheir iad cuideachd barrachd dùbhlain dhuinn san adhar na tha sinn cleachdte ris," thuirt e.

    Sguad nam Ban

    Alaina NicIllinnein - Ceann Loch Seile

    Ali Nic a' Phiocar - GMA

    Amy Disher - Loch Abar

    Beth NicIllFhaolain - GMA

    Caitlin NicIlleathain - An t-Eilean Sgitheanach

    Christina NicDhòmhnaill - An t-Eilean Sgitheanach

    Hannah NicDhòmhnaill - Loch Abar

    Hazel Hunter - Gleann Urchadain

    Joanne Gillanders - Loch Abar

    Kira NicDhòmhnaill - Loch Abar

    Ciorstaidh Deans - Bàideanach

    Lexy NicLeòid - An t-Eilean Sgitheanach

    Mairi Duncan - Loch Abar

    Mairi Stiùbhart - Bàideanach

    Megan Ralph - Bàideanach

    Natalie NicDhòmhnaill - Loch Abar

    Rachel McCafferty - GMA

    Rhona Nic an t-Saoir - Bàideanach

    Rona Stewart - Bàideanach

    Zoe Reid - Bàideanach

    Sguad nam fear

    Thuirt manaidsear sgioba nam fear aig Alba, Ailean MacRath, gu bheil an geama eadar-nàiseanta eu-coltach ri geama sam bith eile a tha iad a' cluich.

    "Bha cùisean gu math farpaiseach am-bliadhna a thaobh a bhith a' taghadh nan cluicheadairean, rud a tha na chomharra air an ìre àrd am measg nan clubaichean againn air fad.

    "Tha fios againn gur e geama doirbh a bhios ann an aghaidh nan Èireannach, ach tha sinn airson cluich cho math 's a ghabhas gus a' chuid as fheàrr de dh'iomain na h-Alba a thaisbeanadh," thuirt e.

    Eairdsidh MacRath - Ceann Loch Seile

    Blair Moireasdan - Cabar Fèidh

    Bob MacGriogair - Ceann a' Ghiùthsaich

    Calum Grannd - Ceann a' Ghiùthsaich

    Calum Shepherd - An Gearasdan

    Craig Mainland - Lòbhat

    Danny Kelly - Lòbhat

    Daniel Mac a' Phiocar - Camanachd an Òbain

    Daniel Sloss - Baile Ùr an t-Slèibh

    Dòmhnall Nixon - Ceann Loch Seile

    Donnchadh MacMhathain - Ceann Loch Seile

    Iain Robinson - Baile Ùr an t-Slèibh

    Innes Blackhall - Cill Mhàilidh

    Iain Gillies - An t-Eilean Sgitheanach

    Lachie Shaw - An Gearasdan

    Ruairidh Ceanadach - Baile Ùr an t-Slèibh

    Ruaridh Anderson - Ceann a' Ghiùthsaich

    Ryan Harrison - An t-Eilean Sgitheanach

    Uilleam MacFhionghain - An t-Eilean Sgitheanach

    Zander Michie - Ceann a' Ghiùthsaich

  15. Glasgow City troimhe ann an Cupa Europaair fhoillseachadh aig 16:46 TSB 16 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thuirt àrd-choidse Glasgow City gu bheil na cluicheadairean aca air eachdraidh a dhèanamh agus iad air na 16 mu dheireadh de Chupa Europa nam ban a ruighinn.

    Fhuair sgioba Leanne Ros dà thadhal gu math anmoch sa gheama an-raoir an aghaidh Koge às an Danmhairg gus an gnothach a dhèanamh orra 5-3, agus 6-5 thar an dà gheama.

    Le tuilleadh, seo Javen Houston.

  16. Trì puingean eile do dh'Alba ach ceistean gu leòrair fhoillseachadh aig 16:50 TSB 13 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha sgioba nam fear aig Alba a-nise cinnteach air àite play-off co-dhiù san iomairt 'son Cupa na Cruinne a ruighinn.

    Tha seo às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Belarus 2-1 aig Hampden oidhche Dhòmhnaich.

    Dh'aidich Steve Clarke fhèin gun robh mar a chluich Alba na bhriseadh-dùil, trì puingean ann no às.

    Cluichidh iad a-nise a' Ghrèig is An Danmhairg an ath-mhìos is sùil aca air a' bhuidheann a bhuannachadh.

    A rèir Innes Scullion, a bha aig Hampden, feumaidh na h-Albannaich cluich gu math nas fheàrr an ath-mhìos ma tha iad gus adhartas a dhèanamh.

  17. Loch Abar air Prìomh Lìog nam ban a bhuannachadhair fhoillseachadh aig 16:16 TSB 12 An Dàmhair

    Loch Abar an aghaidh BhàideanachTùs an deilbh, Comann na Camanachd

    Tha Loch Abar air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh ann an iomain nam ban às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh 2-0 air Bàideanach.

    Bha feum air geama play-off eadar na sgiobaidhean is iad air crìochnachadh còmhla co-ionnan air 20 puing aig mullach na lìge.

    Chuir Missy Howie an dà thadhal do Loch Abar sa gheama mhòr sa Mhanachainn Didòmhnaich.

    'S e dìoghaltas a bha seo dha na h-Abraich is Bàideanach air a' chùis a dhèanamh orra sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil air a' mhìos seo chaidh.

  18. Caol-Gleann sa Phrìomh Lìogair fhoillseachadh aig 15:28 TSB 12 An Dàmhair

    Cluicheadair à Caol-Gleann Tùs an deilbh, Comann na Camanachd

    Tha Caol-Gleann air eachdraidh a dhèanamh is iad air Prìomh Lìog na h-iomain a ruighinn 'son a' chiad uair.

    Bha an sgioba à Gleann Da-Ruail is Caol an t-Snàimh air an seusan aca fhèin a chrìochnachadh bho chionn beagan sheachdainean ach bha aca ri feitheamh feuch an leumadh GMA no Eilean Bhòid os an cionn dhan dàrna àite san lìog.

    Cha d'fhuair GMA na puingean a bha a dhìth orrasan bho na geamaichean mu dheireadh aca ach bha fhathast cothrom aig Bòd nam biodh iad air a' chùis a dhèanamh air Inbhir Aora Disathairne.

    Rinn Inbhir Aora an gnothach 2-1 ge-tà, a' fàgail gu bheil Caol-Gleann a' dol suas dhan Phrìomh Lìog còmhla ri Loch Abar.

    Chan eil ann ach 20 bliadhna bho chaidh Caol-Gleann a stèidheachadh às ùr às dèidh ùine nan tàmh.

    Ràinig iad an Lìog Nàiseanta 'son a' chiad turas ann an 2023 is iad a-nise air an ath cheum a ghabhail.

    Thuirt an cluba fhèin gur e seo "tè de na stòiridhean as fheàrr ann an iomain anns na bliadhnaichean mu dheireadh".

    Thug iad taing dhan a h-uile duine sa chluba agus sa choimhearsnachd a tha air an cuideachadh.

    Bidh Caol-Gleann a-nise ann còmhla ris na sgiobaidhean as motha san spòrs ann an 2026.

    Bha Baile Ùr an t-Slèibh am measg na chuir meal a naidheachd orra oidhche Shathairne is iad ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air adhart ri a bhith a' dol nan aghaidh sa Phrìomh Lìog.

  19. Manaidsear ùr aig Alba FAair fhoillseachadh aig 13:19 TSB 12 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha manaidsear ùr Alba FA, Stiùbhart Urchadain, dhen bheachd gum bu chòir dha na cluicheadaran a bhith 'air bhioran' mu na mìosan ri thighinn.

    Tha an sguad air tighinn còmhla anns a' Ghearasdan airson seiseanan treànaidh fo stiùir a' mhanaidseir ùir.

  20. Baile a' Chaolais a' buannachadh iomain a' Mhòidair fhoillseachadh aig 19:08 TSB 11 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bhuannaich boireannaich Loch Abair Cupa LearnGaelic ach bha builean-peanais a dhìth orra airson làmh an uachdar fhaighinn air Cill Mhàlaidh agus 's e sgioba Bhaile a' Chaolais a choisinn geall-dubhlain na h-Aghaidh Mhòire. Rinn iad an gnothach 3-2 air Àrd nam Murchain gus an cupa a thogail.

  21. Spòrs gu leòr aig Mòd Loch Abairair fhoillseachadh aig 11:54 TSB 11 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha farpaisean spòrs gu leòr a' dol aig Mòd Loch Abair an-diugh, le là trang aig an Àird airson na geamannan iomain.

  22. "Ciamar air thalamh a bhuannaich Alba an geama"air fhoillseachadh aig 12:37 TSB 10 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Cha robh fios aig Stiùbhart Urchadan, neo duine eile am broinn Hampden, ciamar a chaidh aig Alba air buannachadh an aghaidh na Grèig sa gheama dearbhaidh aca airson Cupa na Cruinne 2026.

    Thèid Alba a-nise an aghaidh Belarus Didòmhnaich is iad ann an suidheachadh an ìre mhath làidir sa bhuidhinn.

  23. "Feumaidh sinn a bhith misneachail"air fhoillseachadh aig 15:45 TSB 9 An Dàmhair

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S e oidhche mhòr a th' ann dha sgioba nàiseanta nam fear is iad a' dol an aghaidh na Grèige aig Hampden.

    Tha fear den luchd-taic, Iain Moireasdan, ag ràdh gu bheil pàirt mhòr aig an luchd-leantainn ri chluich.