Duilgheadasan paircidh an Gleann Fhionnainn 's e cho trang

'S e “let the train take the strain” an teachdaireachd a tha ga thoirt do dhaoine a tha airson a dhol gu drochaid-rèile agus ionad turaschd Ghleann Fhionnainn.

Thadhal còrr math air 500,000 duine air an laraich an-uiridh, a' fàgail gun robh an t-àite glè thric a' cur thairis le carbadan agus ag adhbhrachadh cunnartan do dhraibhearan agus luchd-coiseachd.

Tha ceumanan a-nis gan gabhail airson cùisean a leasachadh, mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.