Naidheachdan 11:00m

Julian Assange

Dh'fhàg Julian Assange an Rìoghachd Aonaichte an dèidh aonta leis na Stàitean Aonaichte fo an seachainn e prìosan. Tha Mgr Assange, a stèidhich Wikileaks, air a bhith a' strì còrr 's deich bliadhna an aghaidh òrdugh airson a chur dha na Stàitean Aonaichte fo chasaid gun do sgaoil e fiosrachadh dìomhair mu na cogaidhean ann an Ioràc agus Afganastan. Tha e air tilleadh a dh'Astràlia, dham buin e, ach tha dùil ris aig àm air choireigin sa chùirt ann an eilean Saipan sa Chuan Shèimh a bhuineas dha na Stàitean Aonaichte.

Geall

Chaidh innse dhan BhBC gu bheil Coimisean a' Chearrachais a' rannsachadh na h-uimhir de dh'oifigich Poilis a' Mhet fo amharas mu chur geall air cuin a bhiodh an Taghadh Coitcheann ann. Tha fios gu bheil còignear fo rannsachadh mar tha 's nam measg dithis thagraichean Tòraidheach agus oifigear poilis a bha a' dìon Rishi Sunak.

Horizon

Tha rannsachadh Oifis a' Phuist a' gabhail fianais an-diugh bho einnseanair coimpiutair a chuidich a' dealbh siostam IT Horizon a tha aig meadhan an sgainneil. Thug Gareth Jenkins fianais seachad tric às leth Oifis a' Phuist, a' cur dìon air Horizon, nuair a bha casaidean an aghaidh fo-mhaighstirean puist.

A9

Coinnichidh luchd-iomairt ri Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney an-diugh an dèidh do Riaghaltas na h-Alba crìoch air dùblachadh rathad an A9 a ghluasad air ais gu 2035. Tha dragh ann mu shreath thubaisdean air an rathad bho chionn ghoirid. Dh'innis an Riaghaltas gu bheil dùil ri cùmhnant air an ath-mhìos airson an t-earrainn eadar An Tom Aiteann agus A' Mhòigh a dhùblachadh.

Tidsearan

Thuirt Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail gu bheil iad a' guidhe do dh'aonaidhean nan tidsearan gabhail ris an àrdachadh pàighidh ris an do chuir iad cùl bho chionn ghoirid. Tha na h-aonaidhean a' gearan nach do rinn na comhairlean neo an Riaghaltas dad bhon uair sin. Thuirt COSLA gun do rinn iad an tairgse pàighidh le deagh rùn agus nam biodh na h-aonaidhean air gabhail ris gum biodh tidsearan a' faighinn an àrdachaidh san Lùnastal.

Comhairle Dhùn Èideann

Chuir Comhairle Dhùn Èideann às de phlana airson aonta le Taiwan air eagal 's gum faodadh sin cron a dhèanamh air càirdeas ri Sìona. Tharraing comhairlichean am plana airson cheanglaichean cultarail agus coimearsalta ri Taiwan an dèidh aithisg fhaicinn san robh rabhadh gum faodadh Sìona dìoghaltas a dhèanamh le casg air turasachd, malairt agus air àireamh nan oileanach Sìonach.