Naidheachdan 11:00m

Myanmar

Tha obair-theasairginn a' dol air adhart ann am Myanmar an dèidh crith-thalmhainn mhòir ann am meadhan na dùthcha a thug buaidh cuideachd air Thailand agus ceann an iar-dheas Shìona. Tha cion fiosrachaidh ann leis gu bheil mòran de shiostam conaltraidh na dùthcha sìos. Tha rabhadh ann gun deach triùir co-dhiù a mharbhadh ann am Myanmar, 's tha aithrisean ann gu bheil còrr is 40 duine a dhìth an dèidh do thogalach tuiteam ann am prìomh bhaile Thailand, Bangkok.

Taraifean

Tha riochdairean chompanaidhean chàraichean Bhreatainn a' coinneachadh ri ministearan riaghaltais a dheasbad taraif 25% a chuir an Ceann-Suidhe Trump air càraichean à dùthchannan eile. Tha an Riaghaltas a' feuchainn ri bargan a dhèanamh leis na Stàitean Aonaichte gus an seachain iad cìsean a tha a' tighinn gu bith Diciadain. Tha cuid de chompanaidhean chàraichean ag ràdh gu bheil e ro fhada stad a chur air an taraif, agus tha iad ag iarraidh sgeama taice bhon Riaghaltas.

WH Smith

Tha WH Smith a' reic nam bùthainnean aca air an àrd-shràid an dèidh 233 bliadhna. Thàinig WH Smith gu aonta fon ceannaicheadh companaidh, Modella Capital, dham buin Hobbycraft, faisg air 500 bùth bhuapa air £76m. Tha WH Smith a' cumail nam bùthainnean aca aig puirt-adhair agus stèiseanan-rèile.

An Rìgh

Thuirt Lùchairt Bhuckingham nach eil dùil gun cuir cùisean slàinte an Rìgh cus maill air a chuid obrach làitheil. Cha deach e air turas oifigeil gu ruige Birmingham an-diugh le buaidh air a shlàinte co-cheangailte ri leigheas airson aillse. Tha e coltach ge-tà, gun tèid a thuras stàite dhan Eadailt air an ath-mhìos air adhart mar a bha dùil.

A' Ghraonlainn

Tha Iar-Cheann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, JD Vance, a' tadhal air ionad-airm Aimeireaganach sa Ghraonlainn an-diugh. Chaidh planaichean an turais atharrachadh an dèidh mì-thoileachais mu bheachd a' Chinn-Suidhe Trump gu bheil e airson sealbh a ghabhail air an eilean a bhuineas dhan Danmhairg.

Solong

Chaidh am bàta-cargo a bhuail ann an tancair-ola sa Chuan a Tuath bho chionn cola-deug, a thoirt a dh'Obar Dheathain airson rannsachadh oirre. Bha spreadhadh ann agus thòisich teine an dèidh dhan Solong bualadh anns an tancair-ola Stena Immaculate faisg air Hull.