"Tha rudan math gu bhith againn 'son clann a thogail"

Tha misneachd às ùr ann an Dùn Bheagain is maoineachadh is clàr-ama a-nise air aontachadh 'son bun-sgoil ùr a thogail sa bhaile.

Tha strì air a bhith a' dol fad bhliadhnaichean gus sgoil ùr fhaighinn.

Tha Emma Sìne Mhoireasdan bho Urras Coimhearsneachd Dhùn Bheagain ag ràdh gu bheil muinntir na sgìre a-nise gu math nas dòchasaiche mun àm ri teachd.