Mairead Bheag nan Dùrachdan
Tha Mairead NicIllinnein a' seasamh sìos mar phrìomh phreasantair prògram nan Dùrachdan air BBC Radio nan Gàidheal aig deireadh na seachdain seo.
Tha Mairead air a bhith a' craoladh theachdaireachdan Ghàidheal don luchd-gràidh aca cha mhòr a h-uile oidhche Haoine airson 30 bliadhna.
Tha i air a bhith an sàs ann an obair chraobh-sgaoilidh airson faisg air 40 bliadhna, a' tòiseachadh sna naidheachdan mus do ghluais i gu prògraman aithriseach agus ciùil.
Cluinnear fhathast Mairead air BBC Radio nan Gàidheal nuair a bhios i a' toirt thugainn Mìre ri Mòir o àm gu àm agus bidh i ri cluinntinn air Na Dùrachdan corra oidhche Haoine tron bhliadhna fhathast.