Còig taighean ùra san t-Òb deiseil
Chaidh còig taighean ùra san t-Òb a chur ann an làmhan Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) gu h-oifigeil is iad a-nise dèiseil airson daoine a bhith a' gluasad a-steach.
Rinn a' choimhearsnachd strì mhòr gus na taighean fhaighinn.
'S e seo a' chiad phàirt den leasachadh is seachd taighean eile ri thighinn.