Taisbeanadh ùr mu eilthireachd

Dh'fhosgail taisbeanadh ùr mu eilthireachd bhon 18mh linn chun an là an-diugh ann am Museum nan Eilean ann an Lìonacleit.

Anns an taisbeanadh gheibhear sgeulachdan co-cheangailte ri mar a chaidh dha na daoine agus a' bhuaidh bh' aca air na sgìrean dhan deach iad.

Tha dealbhan, aodach, leabhraichean agus stuth eile à grunn thasglannan ri fhaicinn ann.

Tha e fosgailte gu deireadh na Samhna.

Chaidh an aithris seo a dheisealachadh le Shona NicDhòmhnaill.