"'S e seo a bha na dhùil fad bhliadhnaichean"
Fosglaidh an stand ùr aig Pàirc nan Laoch ann am Port Rìgh gu h-oifigeil feasgar Disathairne is na Sgitheanaich a' cluich Cheann a' Ghiùthsaich.
Tha an stand air ainmeachadh às dèidh fìor laoch ann an saoghal iomain an Eilein, Donnie Màrtainn nach maireann.
Tha a phiuthar Anna ag ràdh gum biodh Donnie air a dhòigh.