Luaidh ga dhèanamh air Murchadh Peutan
Tha luaidh ga dhèanamh air Murchadh Peutan a tha air bàsachadh aig aois 83.
Bha e fad bhliadhnaichean na thidsear ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus bha e cuideachd aithnichte mar eòlaiche air a' Chiad Chogadh.
Bhiodh e gu tric ri chluinntinn air Radio nan Gàidheal a' bruidhinn air gnothaichean cogaidh, saidheans agus goilf am measg eile.
Chuala sinn bho charaid dha, Ailean Caimbeul.