Bho na h-Eileanan chun na h-Eilbheis

Tha buidheann de dhannsairean Gàidhealach às na h-Eileanan an Iar a' falbh chun na h-Eilbheis an t-seachdain seo agus iad a' gabhail pàirt ann an co-fharpais dannsa ùr.

Thèid 14 dannsairean a-null a Bhasel airson trì là agus iad a' feuchainn air a' chiad co-fharpais dannsa eadar-nàiseanta aca agus iad gu mòr an dòchas nach e seo an turas mu dheireadh aca nas motha.