'Taic Riaghaltais a dhìth' le crìonadh-sluaigh nan Eilean Siar

Tha Àrd-Oifigear NHS nan Eilean Siar air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh a dhèanamh gus dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh sna h-Eileanan.

A rèir àireamhan bhon Bhòrd Slàinte, tha dùil ri lùghdachadh de 6% san àireimh de dhaoine aig aois-obrach san ath-thrì bliadhna.

Tha Ailig John Moireasdan ag aithris.