Ucràinianaich òga ann an Alba

Tha mu 28,000 Ucràinianach air an dachaigh a dhèanamh - rè ùine - ann an Alba bho thòisich an cogadh.

Agus mar a fhuair am fear-naidheachd againn Ailean Peutan a-mach, tha oidhirpean a' dol an ceangal ri dualchas na h-Ucràin a neartachadh.