'Ban-tighearna nan Eilean' agus raon nan rocaidean

Tha sinn air a bhith ag aithris an t-seachdainn seo gu bheil 70 bliadhna ann bho thàinig e am bàrr an toiseach gun robh an MOD airson raon rocaid a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas.

Chanadh mòran gun deach an ìomhaigh ainmeil Ban-tighearna nan Eilean a thogail san eilean air sgàth an raoin.

Ach tha beachd ann a-nis gum biodh sagart na sgìre, Maighstir Iain MacGilleMhoire, air an ìomhaigh a thogail co-dhiù - raon rocaid ann no às.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.