Naidheachdan 11:00m

Treas raon-laighe aig Heathrow

Thuirt an Seansalair, Rachel Reeves, gu bheil an Riaghaltas a' cur taic ris an treas raon-laighe aig Heathrow mar phàirt de phlana 'son fàs eaconomaich. Bha na h-uimhir de luchd-iomairt na h-àrainneachd a' togail fianais aig òraid Ms Reeves ann an Oxford. Agus thuirt i gu bheil i ag iarraidh càirdeas nas dlùithe ri riaghaltas Dhòmhnaill Trump agus ris an Aonadh Eòrpach mar phàirt den phlana sin.

Bunait Rowntree

Thàinig rabhadh bhon bhuidhinn-sgrùdaidh, Bunait Rowntree, gur e glè bheag de choltas gun cuidich eaconomaidh nas làidire a' mhòr-chuid den fheadhainn as miosa dheth am Breatainn. Thuirt a' Bhunait gur e ana-cheartas a th' ann gum feum mòran dhiubh feitheamh ri fàs eaconomaich agus gu bheil fianais an Alba gur e sochairean as motha as fheàrr airson dèiligeadh ri bochdainn am measg chloinne. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil buidheann-gnìomha ag obair air bochdainn chloinne.

Buidseat na h-Alba

Chàin comataidh an ionmhais aig Holyrood cion ullachaidh agus lèirsinn ionmhais Riaghaltas na h-Alba ron bhuidseat. Tha dragh air a' chomataidh thar-phàrtaidh nach eil an Riaghaltas air pàipearan riatanach fhoillseachadh agus tha an aithisg ag iarraidh, am measg rudan eile, mìneachadh air ciamar a bhios an Riaghaltas a' dèiligeadh ri buaidh an àrdachaidh ann an àrachas nàiseanta air luchd-fastaidh.

Àrd-sgoil Ghàidhlig an Steòrnabhagh?

Thèid faighneachd de Chomataidh an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar an ath-sheachdain taic a chur ri sgrùdadh ion-dèantachd, (feasibility study), air àrd-sgoil Ghàidhlig ùr ann an Steòrnabhagh. Bidh an sgrùdadh sin an crochadh air taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba ach tha aithisg bho cheannard foghlaim na Comhairle ag ràdh gu bheil fianais gu leòr ann mu thràth airson a dhol air adhart le sgrùdadh. Tha Radio nan Gàidheal a' tuigsinn gun toir Riaghaltas na h-Aba maoineachadh dhan sgrùdadh feuch an gabh àrd-sgoil a stèidheachadh.

Saorsa Thràth

Gheibh cha mhòr 400 prìosanach saorsa thràth bhon ath-mhìos ann an oidhirp Riaghaltas na h-Alba àireamh nam prìosanach a ghearradh. Chaidh lagh èiginneach a stèidheachadh an-uiridh fo am faigh feadhainn air an deach binn nas giorra na ceithir bliadhna saorsa an dèidh beagan nas lugha na fichead mìos seach dà bhliadhna. Thig an lagh ùr gu bith air an 11mh là den Ghearran.

Stoirm Mhòr 2005

Thàinig rabhadh bho bhall nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba nach seas feadhainn de chabhsairean nan Eilean ri buaidh atharrachadh na h-aimsire. Tha Alasdair Allan am measg na tha a' gabhail pàirt ann am prògram Eòrpa a-nochd ag aithris air an stoirm mhòir bho chionn 20 bliadhna san do chaill còignear às an aon teaghlach ann an Uibhist am beatha. Bidh Eòrpa, Dìleab na Stoirme, air BBC Alba a-nochd aig 9:00f agus air iPlayer a' BhBC.