Càrn-cuimhneachaidh Mhinginis

Thàinig comharrachadh de cheud bliadhna bho thàinig measgachadh de Leòdhasaich, Sgalpaich agus Hearaich a dh’fhuireach ann an sgìre Mhinigis dhen Eilean Sgitheanach gu ceann le càrn-cuimhneachaidh ùr ga fhoillseachadh ann am Port nan Long.

Chaidh an càrn a thogail le clachan bho na diofar bhailtean agus cuid dhen na tobhtaichean às an do dh’fhalbh na daoine a ghluais dhan sgìre.

Seo Alasdair MacLeòid.