Podcast Eòrpa : Nagorno-Karabakh

San t-Sultain an-uiridh, theich còrr is 100,000 neach à Nagorno-Karabakh - cha mhòr a' falamhachadh na sgìre.

Aithinichte gu h-eadar-nàiseanta mar phàirt de dh' Azerbaijan, fhuair iadsan smachd air an sgìre a-rithist, faisg air 30 bliadhna an dèidh do dh'Armenia a toirt bhuapa, 's na daoine acasan fhuadach aiste.

Tha Armenianach Kharabakh a-nis nam fògarraich ann an Armenia fhèin.

Tha Eòrpa air coinneachadh ri feadhainn aca agus iad a’ feuchainn ri beatha ùr a dhèanamh dhaibh fhèin agus air taobh an dà chuid Armenia agus Azerbaijan dhan chomhstrì a chluinntinn, ‘s còmhraidhean sìth a’ leantainn.