CnES a' gealltainn obrachadh le pàrantan Sgoil Dhalabroig
Gheall Comhairle nan Eilean Siar obrachadh còmhla ri pàrantan ann an Uibhist a Deas a thaobh càite am bi busaichean-sgoile a' ruith.
Bha Comhairle Phàrant Sgoil Dhalabroig air iarraidh gum biodh crìochan na sgoile air an leudachadh - gus am faigheadh sianar a tha mar thà anns an sgoil cothrom air bus na sgoile fhaighinn, rud nach fhaigh iad an-dràsta.
Bha dragh air cuid ge-tà, mun bhuaidh a bheireadh atharrachadh ann an crìochan sgoile air Sgoil an Ìochdair.
Roghnaich comhairlichean aig coinneimh Dimàirt gun na crìochan sgoile san sgìre atharrachadh.
Tha Àrd-Oifigear an Fhoghlaim, Dòmhnall Macleòid, ag ràdh gun obraich an t-ùghdarras ionadail a-nise le pàrantan Dhalabroig feuch a bheil fuasgladh ann a thaobh còmhdhail-sgoile.