"Buille chruaidh dhan choimhearsnachd air fad"

Tha draghan mòra anns na Hearadh leis an naidheachd gun caill cuid an cosnadh aig Taigh-staile na Hearadh.

Thuirt àrd-stiùiriche na companaidh, Simon Erlanger, gum feum iad co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh airson dèanamh cinnteach gum bi iad iad buan san àm ri teachd.

Chan eil fios aig an ìre seo cia mheud obair a thèid a ghearradh.

Ach tha an Comh. Coinneach MacLeòid am measg na tha ag ràdh gun toir seo fìor dhroch bhuaidh air a' choimhearsnachd.