Dòchas gun tèid Ionad ùr Tursachan Chalanais fhosgladh ron Chàisg 2026

Tha Urras nan Tursachan ag ràdh gu bheil iad misneachail gum bi obair-leasachaidh timcheall air Tursachan Chalanais deiseil airson seusan turasachd 2026.

Cosgaidh an obair leasachaidh £10m.

Tha na goireasan aig na Tursachan uile dùinte cuideachd mar sin, cha bhi na busaichean mòra luchd-turais a' stad ann fhad sa bhios an obair a' dol.

Tha Ailig John Moireasdan ag aithirs.