Pàdruig MacAoidh Makar ùr na h-Alba

Airson a' chiad uair a-riamh 's e bàrd Gàidhlig Bàrd Nàiseanta na h-Alba, no am Makar.

'S esan Pàdraig MacAoidh, à Leòdhas, a bhios anns an dreuchd 'son trì bliadhna.

Chaidh a thaghadh leis a' Phrìomh Mhinistear, John Swinney, a ghabh comhairle bho phanal a' riochdachadh roinn litreachais na h-Alba.

Mar phàirt den dreuchd 's ann ris a bhios e an urra bàrdachd a sgrìobhadh airson tachartasan oifigeil.