Fionnlagh Dòmhnallach ciontach de mhurt is oidhirp air triùir eile a mhurt
Chaidh fear às an Eilean Sgiathnach a dhìteadh an diugh airson murt a bhràthair-chèile agus oidhearp triùir eile a' mharbhadh.
Dhiùlt diùraidh 'san Àrd-Chùirt ann a Dùn Èidean gabhail ri aragamaidean nach robh Fionnlagh Dòmhnallach ceart na inntin aig an àm.
Chaidh binn beatha a chuir air an Dòmhnallach, aois 41 à Tarsgabhaig, agus am britheamh ag innse dha gum bidh 28 bliadhna ann mus fhaigh e cothrom air parol.