Fàilte air gealltanas airson sgoil agus ospadal ùr a Bharraigh

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd bho Riaghlats nas h-Alba gun tèid Campas Bharraigh is Bhatarsaigh air adhart, le goireasan ùra foghlaim agus slàinte.

Bha mì-thoileachas mòr ann nuair a dh'innis an riaghaltas dhan choimhearsnachd bho chionn dà bhliadhna nach biodh airgead ann airson ospadail ùir do Bharraigh.

Dhearbh an Riaghaltas gun obraicheadh iad le buidhnean airson plana seasmhach a dhealbhachadh ge ta.

Seo am fear naidheachd poileataigeach againn Micheil Macneil.