"'S e an aon daoine a tha timcheall air an aon bhòrd"
Chaidh an cùmhnant ùr airson seirbheisean aiseig Chluaidh agus Innse Gall a thoirt seachad dìreach do ChalMac gun fharpais.
Bha Riaghaltas na h-Alba air innse roimhe gur e seo a bha iad 'son a dhèanamh - gun pròiseas tairgse a bhith ann - ach gun robh feum air dearbhadh laghail.
Chuir cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, fàilte air an naidheachd gu ìre, ged a tha ceist air fhathast an tig piseach mar a dh'iarradh e a thaobh cheanglaichean eadar CalMac is a' choimhearsnachd.