"Coimhearsnachdan a' cur feum air ministearan a bhith suidhichte sna coimhearsnachdan fhèin"
Tha an Eaglais Shaor ag ràdh nach cuir iad co-thionalan sna h-Eileanan an Iar an ceann a chèile ged a tha an treas cuid dhiubh gun mhinistear.
Tha Modaràtor na h-Eaglaise, an t-Urr. Calum MacLeòid, ag ràdh gum bi amannan ann nuair nach bi na h-uimhir de mhinistearan ann, ach gu bheil co-thionalan "làidir ann an àireamh agus ann an ionmhas".