"Èiginn" ann am Barraigh le dìth àitichean air an aiseag
Chaidh fàgail air CalMac nach eil iad a' toirt feairt air muinntir Bharraigh, agus mì-thoileachas mòr ann mun aiseag a tha an-dràsta a' frithealadh an eilein.
Tha trioblaid le siostam sàbhailteachd a' ciallachadh nach urrainn dhan Isle of Mull barrachd na 45 luchd-siubhail a ghiùlan.
Tha comataidh còmhdhail Bharraigh ag ràdh gu bheil seo a' cur bacadh air daoine a bhith a' tighinn agus a' falbh, agus tha iad ag iarraidh air CalMac bàta eile a chur air an t-slighe.
Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.