Làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig air an tilleadh chun na Leabharlainn Nàiseanta

Tha còrr 's 50 làmh-sgrìobhainn Gàidhlig a bha air chall còrr is 50 bliadhna air tilleadh gu Leabharlann Naiseanta na h-Alba.

Bha rannsachadh poilis ann nuair a chaidh na pàipearan a dhìth anns na 1960an.

Am measg nam pàipearan, tha cruinneachadh de bhàrdachd Rob Duinn MhicAoidh, a thugadh sìos bho aithris nighean a' bhàird fhèin ann an 1800.

Chaidh Ruairidh MacÌomhair chun an Leabharlanin Nàiseanta gus an tasglann iongantach seo fhaicinn.