Naidheachdan 11:00m
Dòmhnall Trump
Dh'fhoillsich Dòmhnall Trump taraifean 100% air fiolmaichean nach deach a dhèanamh ann an Aimeireaga fhèin. Tha e ag ràdh gun cuidich e gnìomhachas fhiolmaichean nan Stàitean. Dh'fhaodadh droch bhuaidh a bhith aige air dèanamh fhiolmaichean ann am Breatainn ge-tà, far a bheil gnìomhachas luach faisg air £1.5bn. Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè dìreach na dheadh dè chìs air fiolmaichean no dè a bhiodh air a mheas na fhiolm cèin.
Dh'innis Mgr Trump cuideachd gu bheil e air iarraidh prìosan ainmeil Alcatraz fhosgladh às ùr. Tha còrr air 50 bliadhna bho dhùin Alcatraz, air eilean beag a-mach à California, 's tha e a-nis na ionad turasachd. Thuirt Mgr Trump gum biodh e math airson droch dhaoine a tha ri eucoir mhòir ann an Aimeiraga a chumail.
Là VE
Tòisichidh caismeachd an ceartuair ann an Lunnainn a' comharrachadh deireadh an Dàrna Cogaidh anns an Roinn Eòrpa - Là VE. Tha na ficheadan a tha fhathast beò de na bh' anns a' chogadh gu bhith an làthair, còmhla ri còrr air mìle de bhuill feachdan an là an-diugh. Bidh an Rìgh os cionn chùisean.
Agus tha conbhoidh de bhàtaichean beaga iasgaich à Nirribhidh a' dèanamh an slighe a Shealtainn a chomharrachadh Là VE. Tha iad a' comharrachadh "Bus Shealtainn" mar a chainnte ris - leis an deach armachd is goireasan a chumail ri Nirribhidh tro Shealtainn nuair a bha an dùthaich fo smàig nan Nàsach.
Farrais
Chaidh fireannach a chur an grèim an dèidh poilis armaichte a bhith air an gairm gu togalach ann am Farrais a-raoir. Chaidh fios orra goirid as dèidh 8:00f, 's iomagain mu shàbhailteachd neach ann am Pàirce Thoirbheartain sa bhaile. Tha e coltach nach deach duine a ghoirteachadh, ach bidh fireannach aois 34 a' nochdadh ann an Cùirt an t-Siorraidh an Eilginn a-màireach.
Tubaist-rathaid
Chaidh boireannach a mharbhadh agus dithis dheugairean a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist le dà chàr ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh. Thachair e oidhche Shathairne air an A75 eadar Caisteal Dhùbhghlais agus Drochaid Dhè. Bhasaich boireannach aois 67 - a bha a' dràibheadh fear de na càraichean - anns an ospadal. Chaidh dràibhear a' chàir eile, a tha 19, agus nighean 16, a bha còmhla ris a thoirt dhan ospadal cuideachd.
Skype
Tha an siostam conaltraidh guth is bhideo, Skype, a' tighinn gu crìch an-diugh, às dèidh còrr air 20 bliadhna. Tha Microsoft, leis a bheil e, a-nis a' stiùireadh dhaoine gu innleachd Teams aca na àite. Ach cumaidh an nòs "Skype for Business" a' dol.