Luchd-stiùiridh an NC500 ag ràdh gu bheil e a' dèanamh feum

Tha buidheann stiùiridh an NC500 den bheachd gum faod turasachd cuideachadh le crìonadh sluaigh air a' Ghàidhealtachd agus le bhith a' neartachadh choimhearsnachdan. Ach às dèidh deich bliadhna bho chaidh an t-slighe fhoillseachadh, 's ann a tha cuid a' smaoineachadh gu bheil cus luchd-turais air an rathad a' cur ri crìonadh sluaigh. Tha Nicole Dempster ag aithris...