Eagal gum bàsaich cuideigin mura tèid stad a chur air fear a bha "a' ciùradh" bhoireannach
Tha eagal air tè a bha na cèile aig fear a bha a' dochann bhoireannach ann an taigh-oighreachd ann an Gallaibh gum bàsaich cuideigin mura tèid stad a chur air.
A reir Tammy Conner, dh'fhuiling i peannasachadh cuirp thar nan ceithir bliadhnaichean a bha i fhèin agus Caoimhinn Booth còmhla, a thòisich nuair a bha i 16 bliadhna.
Bho chionnn naoi bliadhna chaidh Conner a diteadh air casaid briseadh na sìthe an aghaidh Booth.
Bhon uair sin chaidh a chasg bho a bhith a' dol a' null tharais, le cùirt shiobhalta a' co-dhùnadh gun robh e air boireannaich agus clannn-nighean a chuipeadh gu dona.
Tha e a' dol às aicheadh nan casaidean.
Dh'fhaodadh gum bi pàirtean de dh'aithris Annabel Nic ill Inneain mì-shocrach do chuid.