Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Thuirt an Ceann-suidhe Zelensky gu bheil an Ucràin fhathast a' cur roimhpe gum biodh sìth ann. Sin air thoiseach air còmhraidhean le Prionnsa a' Chrùin Mohammed Bin Salman ann an Saudi Aràibia an-diugh fhathast. Tha seo a' tighinn agus riochdairean Aimeireaganach gu bhith a' coinneachadh ri oifigich Ucràinianach ann an Jeddah a-màireach.

Mosgo

Tha meadhanan na stàite anns an Ruis ag ràdh gun deach dithis aig a bheil ceangal ri Ambasaid Bhreatainn ann am Mosgo a chur a-mach às an dùthaich. Tha iad ag aithris gun tuirt seirbheis tèarainteachd na dùthcha, an FSB, gun robh comharran ann gun robh an dithis ri obair-brathaidh. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin nach e seo a' chiad uair a tha an Ruis air casaidean a thogail an aghaidh an luchd-obrach aca le droch rùn agus gun fhianais.

Canada

Tha an ath Phrìomhaire a bhios air Canada air cur an aghaidh tharaifean malairt nan Stàitean Aonaichte. Chaidh Mark Carney a thaghadh an-raoir mar cheannard ùr a' phàrtaidh riaghlaidh anns an dùthaich, sin la Libearalaich. Thuirt e cuideachd nach biodh Canada mar thè de na Stàitean Aimeireaganach, rud a bu mhiannaicheadh an Ceann-Suidhe Trump.

Bàs Dheugaire

Tha dùil ri gille, 14, anns a' chùirt an-diugh fhathast an co-cheangal ri mar a dh'eug deugaire eile ann an Glaschu. Chaidh lorg fhaighinn air Amen Teklay, a bha 15, oidhche Chiadain ann an sgìre Chrois an Naomh Seòras den bhaile 's e air a dhroch ghoirteachadh. Dh'eug e aig an làraich. Chaidh gille eile, a tha 15, a chur an grèim cuideachd an co-cheangal ris na thachair.

Teine

Tha na Poilis a' dèanamh rannsachaidh air teine mòr a rinn sgrios air togalach e ghnothachasan ann an Inbhir Nis. Chaidh càr a dhràibheadh annta aig pàirce ghnothachasan Fairways oidhche Shathairne, agus chaidh a chur an uair sin na theine. Chaidh fireannach le èideadh dorcha agus balaclàbha fhaicinn a' ruith air falbh às dèidh làimh.

Christina McKelvie

Tha Christina McKelvie, a tha na ministear airson poileasaidh dhrugaichean agus deoch-làidir, gu bhith a' seasamh sìos aig an ath thaghadh Albannach. Bha Ms McKelvie, a tha a' riochdachadh Hamaltan, Larkhall agus Stonehouse, air ceum air ais a ghabhail bho a dreuchd mhinisteireil as t-samhradh seo chaidh, agus i air a bhith a' faighinn leigheis airson aillse. Thuirt i gu bheil an t-àm ann a-niste fòcas a chur air a slàinte agus air a teaghlach.