Goireasan spòrs ann am Baile Dhubhthaich 'riatanach'
Tha dragh air feadhainn ann am Baile Dhubhthaich gun tèid am fàgail às aonais ionad spòrs.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh conaltraidh phoblaich an-dràsta air dè thachras a thaobh nan goireasan spòrs a tha gan toirt seachad aig Campas Coimhearsnachd Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich, neo TRACC.
Tha a' Chomhairle an dùil campas sgoile ùr a thogail san sgìre, ach chan eil planaichean ann amar-snàimh a chuir innte idir.
Seo Ruairidh Alastair MacIllFhinnein.