OBE dha Lorna is John Norgrove

Chaidh urram OBE a bhuileachadh air pàrantan Linda Norgrove, am boireannach à Leòdhas a chaill a beatha ann an Afganastan ann an 2010.

Stèidhich Lorna is John Norgrove an cathrannas Bunait Linda Norgrove na h-ainm.