"Bidh e na ionad a-rithist airson na sgìre"

Thèid Eaglais Dhùn Fhlichididh, far an do gheuraich Seumasaich an claidheamhan ro Bhlàr Chùil Lodair, a ghlèidheadh agus a dhèanamh na h-Ionad Dualchais.

Chaidh an t-seirbheis mu dheireadh le Eaglais na h-Alba a chumail innte ann an 2019 ach b' e àite-adhraidh a bh' anns an làraich bhon 7mh Linn.

Tha an iomairt gus Ionad Dualchais a stèidheadchadh san togalach a-nis a' gluasad air adhart an dèidh dha buidheann ionadail £40,000 de thaic-airgid riaghaltais fhaighinn.