Naidheachdan 11:00m
Cuideachadh gu bàs
Thuirt am BPA a tha air cùl a' bhile airson cuideachadh gu bàs ann an Alba gur e faochadh agus adhbhar moit a th' ann dha gun do chuir Holyrood taic sa chiad dol a-mach ris na molaidhean. Chaidh bile an Lib Deamaich, Liam MacArtair, tron chiad bhòt a-raoir ach tha dà bhòt eile ann fhathast mus tèid a stèidheachadh mar lagh. Tha dragh air cuid, am Prìomh Mhinistear John Swinney nam measg, gum bi cuideam air feadhainn a tha tinn neo ciorramach am beatha a thoirt gu crìch thràth.
Agus thuirt Colaiste Rìoghail nan Dotairean Inntinn nach urrainn dhaibh taic a chur ris an dreach a tha an-dràsta air bile airson cuideachadh gu bàs ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. Ged nach eil an t-aonadh a' gabhail taobh seach taobh ris ann am prionnsabal, tha iad ag argamaid nach eil dìon gu leòr ann air cuid, an leithid air a bheil trom-inntinn. Tillidh am bile dha na Cumantan Dihaoine.
Siria
Choinnich an Ceann-Suidhe Trump is an Ceann-Suidhe Sirianach, Amhed al-Sharaa, an dèidh innse gun tog na Stàitean Aonaichte na smachd-bhannan a bh' air Siria fo riaghaltas Bashar al-Assad. Choinnich iad ann an Saudi Aràibia is Mgr Trump air chuairt air cuid de dhùthchannan na sgìre sin.
Gàsa
Thuirt ceannard ghnothaichean daonna an UN gum feumar gluasad gu h-aithghearr neo gum bi, na bhriathran fhèin, 'sgrios-cinnidh' ann an Gàsa. Thuirt Tom Fletcher aig coinneimh ann an New York gu bheiI Israel a' sparradh cruadail air sìobhaltaich ann an Gàsa. Thurt fear-labhairt Israelach nach eil cion bìdh ann an Gàsa ach gu bheil trioblaidean ann ga chur dhan a h-uile sgìre. Agus thug feachdan Israelach ionnsaighean air ceann a tuath Ghàsa a-raoir. Tha aithrisean ann gun ceach còrr 's 60 Pailistinianach a mharbhadh.
Seirbheisich Chatharra
Thèid na mìltean sheirbheiseach catharra a ghluasad a-mach à Lunnainn le planaichean a dh'fhoillisich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an-diugh. Tha Glaschu, Dùn Èideann agus Obar Dheathain am measg nam bailtean a gheibh buannachd às. Tha an Riaghaltas an dòchas cosgaisean a ghearradh agus fàs a bhrosnachadh.