Fèill mhòr air aonadan Thiriodh

Bha cruinneachadh aca an Tiriodh is aonadan gnothachais ùra san eilean air am fosgladh gu h-oifigeil.

Dh'fhosgail na h-aonadan fhèin an-uiridh.

Thuirt Urras Thiriodh aig an àm gur e taigheadas am prìomh amas aca ach gun robh "cothrom sònraichte" ann leis a' phròiseact seo gus eaconamaidh an eilein a neartachadh.

Tha Coinneach MacFhionghain, a tha air bòrd an urrais, ag ràdh gur e oidhirp coimhearsnachd a thug na h-aonadan gu buil is gu bheil fèill mhòr orra.