"Tha e gu h-àraidh duilich aig àm nuair a tha sinn a' coimhead gum bi fàs ann"
Tha draghan ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh planaichean aig Comhairle na Gàidhealtachd gus a' mhòr-chuid de dhreuchdan Prìomh Thidsearan a ghearradh ann am bun-sgoiltean na sgìre toirt air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha Magaidh Wentworth bho Chomann nam Pàrant Nàiseanta am measg na tha ag iarraidh air an ùghdarras ionadail beachdachadh air a' ghnothach a-rithist.