Stoirm Éowyn a' toirt droch bhuaidh air Alba
Thàinig an rabhadh dearg airson Stoirm Éowyn gu ceann ann am meadhan agus iar cheann a deas na dùthcha aig 5f.
Ged a tha a' chuid as miosa dhan droch shìde a-nis seachad, bidh buaidh na stoirme fhathast ri fhaireachdainn airson grunn làithean.
Aig aon àm an-diugh, bha còrr agus 100,000 taigh gun dealan air feadh na dùthcha, bha sgoiltean dùinte agus bha seirbheisein còmhdail air an cur dheth.
Tha Calum MacAmhlaidh ag aithris.