Euslaintich Bharraigh a' togail dragh mu astar 's cosgaisean
Chan eil euslaintich ann am Barraigh agus Bhatarsaigh a' faighinn cùram an asgaidh nuair a tha e a' dhìth.
Sin beachd aon de chomhairlichean na sgìre a tha ag ràdh nach eil an fheallsanachd sin aig an NHS follaiseach idir aig fìor cheann a deas nan Eilean Siar.
Tha draghan air nochdadh mun an ùine a dh'fheumas daoine a bhith a' siubhal - a bharrachd air a' mhaill agus a' chosgais a tha na chois - airson leigheas sònraichte fhaighinn taobh a-staigh an aon bhòrd slàinte.
Tha tuilleadh aig Alasdair MacIllinnein.