Briseadh-dùil mu airgead na loidhne dealain

Tha deasbad a' leantainn san Eilean Sgitheanach mu cho-dhùnadh an Riaghaltais Albannaich cead a thoirt do SSEN 'son obair-ùrachaidh air loidhne-dealain tron eilean.

Tha troimhe-chèile ann cuideachd seach gu bheil Riaghaltas Westminster air innse gur e £1m a gheibh coimhearsnachdan air slighe na loidhne, seach còrr air £20m mar a bhathas a' sùileachadh.

Seo Eileen NicDhòmhnaill.