Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh air duais òir ciùil fhaighinn

Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh air duais shònraichte fhaighinn a tha ag aithneachadh cho mòr 's a tha ceòl air a bhrosnachadh am measg nan sgoilearan.

Chan eil ach còig sgoiltean air feadh na dùthcha air duais We Make Music Scotland fhaighinn thuige seo.