Mairead Bheag nan Dùrachdan: "Tlachd, toileachas agus tarraing às"

- Air fhoillseachadh
Tha Mairead NicIllinnein a' seasamh sìos mar phrìomh phreasantair prògram nan Dùrachdan air BBC Radio nan Gàidheal aig deireadh na seachdain seo.
Tha i air a bhith a' craoladh theachdaireachdan Ghàidheal don luchd-gràidh aca cha mhòr a h-uile oidhche Haoine airson 30 bliadhna.
Tha Mairead air a bhith an sàs ann an obair chraobh-sgaoilidh airson faisg air 40 bliadhna, a' tòiseachadh sna naidheachdan mus do ghluais i gu prògraman aithriseach agus ciùil.
Tha Mairead agus a' chompanaidh riochdachaidh Cuan, a tha i a' ruith cuide ri Cailean MacIllEathain, air a bhith a' lìbhrigeadh prògram nan Dùrachdan o chionn 10 bliadhna agus tha iad airson sin a leigeil seachad.

Thòisich Mairead NicIllinnein a' toirt thugainn prògram nan Dùrachdan bho chionn 30 bliadhna
Tha i mothachail air cho cudromach 's a tha am prògram dhan luchd-èisteachd.
"Tha cuimhne agam gun d' fhuair sinn fiosrachadh aon oidhche bho fheadhainn a bha san ospadal agus am màthair aig uchd a' bhàis ach an wirless aca air san rùm a chionn bhiodh i ag èisteachd ris na Dùrachdan a h-uile oidhche Haoine.
"Teachdaireachd eile a fhuair sinn - cuideigin eile a bha air leabaidh a' bhàis cuideachd agus bha iad a' smaoineachadh nach robh mothachadh aice ach bha na Dùrachdan aca air agus bha na casan a' dol.
"Nuair a chluinneas tu rudeigin mar sin tha e a' toirt ort smaoineachadh air a' cheangal agus an cumhachd a tha ann an ceòl agus cho dòigheil 's a tha daoine nuair a dh'innseas iad rud mar sin dhut."
Taghta: Mairead Bheag nan Dùrachdan
Màiri Riddoch a' bruidhinn ri Mairead NicIllinnein is i a' seasamh sìos mar phrìomh phreasantair nan Dùrachdan.
B' e prògram dà uair de thìde a bh' ann nuair a thòisich Mairead ach 's e Covid agus an glasadh-sluaigh a bu choireach gun deach uair de thìde a bharrachd a chur ris.
"Air m' onair, bha mise a' dol fodha le pìosan pàipeir agus dùrachdan," thuirt Mairead.
"Bha fada a bharrachd dhùrachdan againn na bha sinn a' cur a-mach."
Tha Mairead ag ràdh gur ann tron àm sin a thàinig e a-steach oirre cho cudromach 's a tha am prògram.
"Bha sinn a' faighinn tòrr cleas le cuid. Tha thu a' cur eòlas air daoine agus 's dòcha beagan mì-mhodh is beagan tarraing às a dhèanamh.
"Bha sinn a' faighinn tòrr den sin ged 's e am cho doirbh a bh' ann ann an iomadach seagh. Agus bha sin follaiseach sa phrògram a chionn bhiodh daoine a' bàsachadh agus daoine gan ainmeachadh fhathast."
"Tlachd agus toileachas"
Chaidh Mairead a thogail ag èisteachd ri prògraman Gàidhlig air an rèidio agus tha cuimhne aice gum biodh i a' smaoineachadh gun còrdadh e rithe obair mar sin a bhith aice.
"Tha mi a' faighinn an t-uabhas tlachd agus toileachais bho bhith an lùib a' chiùil, an lùib nan òran agus a bhith a' cur thairis nan dùrachdan."
Thuirt i gu bheil an t-àm ann beagan fois a ghabhail agus an t-uallach airson am prògram a lìbhreagadh a thoirt seachad.
"Tha e air a bhith na phàirt gu math mòr de mo bheatha agus beatha an teaghlaich fad bhliadhnaichean ach bu toil leam beagan a bharrachd saoirse agus ùine fhaighinn gus a bhith a' falbh 's a' tighinn fhad 's a tha an cothrom agam," thuirt i.
Tha preasantairean eile a rinn am prògram còmhla rithe thar nam bliadhnaichean a' moladh proifeaseantachd agus pearsantachd Maireid.
"Tha blàths, co-fhaireachdainn, àbhachdas uile a' tighinn tarsainn air an wireless," thuirt Iain Mac Gille Mhìcheil.

Bidh a' chompanaidh aig Art MacCarmaig a' gabhail uallaich airson prògram nan Dùrachdan a chraoladh
Tha Art MacCarmaig air a bhith ag obair còmhla ri Mairead airson faisg air 12 bliadhna.
"Tha sgil sònraichte aig Mairead, gu bheil i a' fàgail a h-uile duine a' faireachdainn gu bheil iad mar phàirt den phrògram agus gu bheil Mairead gu math dlùth riutha.
Leanaidh Na Dùrachdan ge-tà, fo stiùir-san agus a' chompanaidh aige, Macmeanmna.
Thuirt e: "Tha mi an dòchas gun cùm luchd-leantainn a' phrògraim ag èisteachd agus, nas cudromaiche buileach, bidh sinn a' dèanamh fiughair ris na teachdaireachdan, naidheachdan agus taghaidhean ciùil aca gach seachdain."
Tha dùil ri guth Maireid a chluinntinn air Radio nan Gàidheal fhathast
Thuirt neach-labhairt BBC Radio nan Gàidheal: "Tha sinne gu mòr an eisimeil Maireid airson a bhith a' cumail ciùil is cuideachd rinn thar nam bliadhnaichean agus a' guidhe iomadh oidhche Haoine shona dhi ag èisteachd agus a' cumail suas ri ur naidheachdan sa phrògram as fheàrr leatha."
Cluinnear fhathast Mairead air BBC Radio nan Gàidheal nuair a bhios i a' toirt thugainn Mìre ri Mòir o àm gu àm agus bidh i ri cluinntinn air Na Dùrachdan corra oidhche Haoine tron bhliadhna fhathast.
Bidh am prògram mu dheireadh aig Mairead sa chathair gu h-oifigeil ann Dihaoine 28mh den Mhàrt.