Mar a thàinig 35 bliadhna de phian gu ceann 'son Obar Dheathain

Tha am pàrtaidh a' leantainn ann an Obar Dheathain às dèidh do sgioba ball-coise a' bhaile Cupa na h-Alba a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.

Cha robh na Dons air an cupa mòr a thogail bho 1990.

Bha Iain MacDiarmaid ann an sgioba aithris BBC Spòrs aig Hampden Disathairne is cuimhne aige air 1990.

Ghlac sinn Iain nuair a chaidh am breab-peanais aig Alistair Johnston aig Celtic a stad is an cupa a' dol dhan ear-thuath.