"Bha sinn a' fuireach ann an diofar leapannan ann an diofar àitichean"

Bliadhna bho chaidh staing taigheadais a ghairm le Riaghaltas na h-Alba, tha an carthannas Shelter am measg na tha a' cur ìmpidh air an Riaghaltas barrachd a dhèanamh gus pìseach a thoirt air a' chùis.

Tha dàta ùr bho YouGov air sealltainn gun tàinig àrdachadh 800,000 bho 2021 air an àireimh de dhaoine ann an Alba a tha ann an staing le taigheadas.

Tha an àireamh sin a-nise aig 2.3 millean.

A rèir fiosrachaidh a fhuair am BBC, tha e coltach nach tèid amas an Riaghaltais còrr is ceud mìle taigh a thogail ro 2032 a choileanadh.

Tha dithis bhalach aig Shane Johnstone.

Dh'fhàg sgaradh teaghlaich iad gun dachaigh an-uiridh.

Tha Shane air a bhith a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan mun t-suidheachadh.