Ealan le sligean-chreachann

Chaidh pìos ùr ealain a thaisbeanadh air an deireadh-sheachdain aig Sabhal Mòr Ostaig - pìos dathteach air a chruthachadh le sligean-chreachann.

Bha seo mar phàirt de thachartasan a chumadh tro phròiseact Sgitheanach air a bheil Climavore, a tha a' brosnachadh dhaoine gus barrachd feum a dhèanamh de mhaorach mar chreachann, feusgain agus eisirean.

Seo Alasdair MacLeòid.