Leabhar ùr air conbhoidhean na h-Artaig anns an dàrna cogadh

Airson a mhòr chuid den dàrna cogadh bha an Rìoghachd Aonaichte, Innis Tìle agus Aimeireaga an sàs ann a bhith cuir stuth cobhair dhan an Ruis le bàtaichean conbhoidh tron Artaig.

'S e slighe air leth cunnartach a bha seo, agus chaidh còrr is ceud is deich thar fhichead bàta a' chall air gach taobh thar bliadhnachean a' chogaidh.

Anns an leabhar ùr aige, "Never to Return", tha Ruairidh MacIlleathain ag innse sgeulachd nan conbhoidhean san fharsainngeachd, sgeulachd an HMS Achates a bha màr phàirt de na conbhoidhean, agus gu sònraichte ag amas air dithis bhalach òg às na h-eileanan a bh'air bòrd.

Tha tuilleadh aig Stephen MacLeòid.