Pìob mhòr a shàbhail beatha dhuine

Tha dà phìob mhòr a bha sa chiad chogadh fhathast air an cleachdadh san latha an-diugh - aig Farpais Phìobaireachd na Cruinne.

Bha tè dhiubh aig sìnn-seanair do dh' Alasdair Caimbeul à Glaschu.

A rèir Alasdair fhèin, cha bhiodh duine dha theaghlach ann an-diugh -- mura b' e an dearbh phìob sin.

Seo Calum MacIllinnein.