Co-chomhairle air mar a ghabhadh còisirean a chuideachadh gus an cuid Gàidhlig a' neartachadh

Ged a tha Mòd Loch Abair seachad, chan fhada gus am bi na còisirean is eile a' tionndadh an aire gu Mòd na h-ath bhliadhna ann an Glaschu.

An-uiridh, rinn an Comunn Gàidhealach co-chomhairle air atharraichidhean a dh'fhaodadh a thighinn air cruth farpaisean nan còisirean.

Ach, tha Cathraiche a' Chomuinn, Magaidh Choineagan, air dearbhadh nach tig iad a-steach an ath-bhliadhna.

An àite sin, thèid co-chomhairle eile a-mach an ath-sheachdain agus beachdan gan sireadh air mar a ghabhadh luchd nan còisirean a chuideachadh gus an cuid sgilean cànain a phiobrachadh.

Seo Andreas Wolff.